"Dh'èirich Mi Moch, B' Fheàrr Nach Do Dh'èirich" lyrics

"Dh'èirich Mi Moch, B' Fheàrr Nach Do Dh'èirich"

Dh'èirich mi moch
Dh'èirich mi moch
B'fheàrr nach d' dh'èirich
Mo chreach lèir na chuir a-mach mi
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

Bha ceò sa bheinn
Bha ceò sa bheinn
Is uisge frasach
'S thachair orms' a' ghruagach thlachdmhor
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

Bheir mi dhut fìon
Bheir mi dhut fìon
'S gach nì a b' ait leat
Ach nach èirinn leat sa mhadainn
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

'Nighean nan gamhna
'Nighean nan gamhna
Bha mi ma' riut
Anns a' chrò is càch nan cadal
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

An daoidh gheal donn
An daoidh gheal donn
Rug i mac dhomh
Ged is fuar a rinn i altram
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

Bha laogh mo laoidh
Bha laogh mo laoidh
Ri taobh cnocan
Gun teine, gun sgàth, gun fhasgadh
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò

A Mhòr a ghaoil
A Mhòr, a ghaoil
Till ri d' mhacan
'S bheir mi goidean breagha breac dhut
Hill ò bha hò
Hill ò bha hò


Thanks to Katy Braddock for adding these lyrics.
Writer(s): Trad, Donald Patrick Shaw, Julie Mairi Fowlis